Sanas – Oifigear Foghlam Gàidhlig

28th An t-Samhain 2020

£30,000 gach bliadhna, stèidhte ann an Dalabrog, Uibhist a Deas

Tha Ceòlas a’ sireadh neach-obrach dealasach aig a bheil meas air cànan agus cultar na Gàidhlig gus prògram seachdaineil de chlasaichean a lìbhrigeadh aig còig ìrean.   Bidh an dreuchd a’ fàs agus a’ leudachadh an cois leasachadh Cnoc Soilleir.   Tha Ceòlas a’ lìbhrigeadh prògram Ionnsachadh Gàidhlig do dh’Inbhich, a tha air an teagasg air-loidhne aig an àm seo ach a thathar an dùil Cùrsaichean Bogaidh Cànain a theagasg aghaidh ri aghaidh nuair a cheadaichear.     Tha  Ceòlas ag obair ann an com-pàirteachas le Oilthighean agus Colaistean air tìr-mòr gus cùrsaichean beartachaidh cànain a lìbhrigeadh ann an Uibhist agus air-loidhne.

A’ tòiseachadh cho luath ’s a ghabhas ann an 2021 airson 18 mios anns a cheud dol a mach.

Gheibhear tuairsgeul obrach an seo no bhon oifis aig 01878 700154

Ceann-latha dùnaidh:   Dihaoine 15mh Am Faoilleach aig 12.00

Agallamhan:  Dimairt 19mh Am Faoilleach – aghaidh ri aghaidh no air Zoom