Oifigear Foghlam Gàidhlig

28th An t-Samhain 2020

Gus àrd-chàileachd ionnsachaidh agus teagaisg a thoirt do dh’inbhich tro mheadhan na Gàidhlig, air-loidhne a-mhàin aig an àm seo, a’ cleachdadh teicneòlasan digiteach.

Gus cànan agus cultar na Gàidhlig a chur air adhart.

 PRÌOMH DHREUCHDAN AGUS DHLEASTANASAN

Tha an earrainn seo a’ toirt fiosrachadh air na prìomh dhleastanasan, tha iad seo gus fiosrachadh a thoirt a-mhàin agus dh’fhaodadh barrachd a bhith ann.

 

EÒLAS agus SGILEAN.

Eòlas air teagasg aig farsaingeachd de dhiofar ìrean.

Eòlas air Frèam-obrach Coitcheann Eòrpach nan Cànanan airson na Gàidhlig

Sgileil air a bhith a’ cleachdadh farsaingeachd mhodhan teagaisg gus cothroman ionnsachaidh cruthachail a lìbhrigeadh.

Deagh eòlas air Teòraidhean agus Modhan Bogaidh

Fianais air a bhith ag obair gu com-pàirteachail mar phàirt de sgioba agus le luchd-ùidh

Sònrachaidhean an neach-obrach

Càileachdan Pròifeiseanta Deatamach Càileachdan Pearsanta Miannaichte
Litireach ann an Gàidhlig: labhairt, leughadh agus sgrìobhadh Eòlas ann an tachartasan leis an t-sluagh
Eòlas air a bhith a’ teagasg Gàidhlig do dh’ inbhich A’ cur air adhart na Gàidhlig
Eòlas air a bhith ag obair ann an suidheachadh sgioba Math air freagairt air feumalachdan nan oileanach
Math air conaltradh le comasan rianachd Sùbailte
Math air conaltradh gu dealantach agus le eòlas air meadhanan sòisealta Obair ann an sgioba

Saor-làithean 22 latha agus 8 Saor-làithean Poblach.   Stiùiridhean-iùil Seirbheis Riaghlatasan Ionadail.

£30,000pa     co ruige  30.06. 2022

Foirm Iarrtais

Tuairisgeul Obrach

Ceolas, Taigh GLEUS, Dalabrog, Uibhist a Deas, HS8 5SS

info@ceolas.co.uk          www.ceolas.co.uk        01878 700154