Sanas obrach: Neach-taic nam Meadhanan Sòisealta

1st An t-Iuchar 2020

Cùmhnant 6-mìos; 7hr p/w; £15p/h

Tha Ceòlas a’ sìreadh neach-taice gus cunntasan meadhanan sòisealta na buidhne a ruith agus beagan ùrachaidh a dhèanamh air an làrach-lìn (WordPress) bho àm gu àm. Bidh seo eadar an Lùnastal 2020 agus am Faoilleach 2021. Feumaidh gu bheil sgilean sgrìobhaidh làidir sa Ghàidhlig aig an tagraiche.

Tha 7 uairean san t-seachdain aig £15p/h nan tairgse.

1+ bliadhna de ro-eòlas na buannachd.

Ceann-latha do thagraidhean: 31 dhen Iuchar

Airson an tuilleadh fiosrachaidh: info@ceolas.co.uk