Prògram-d an Iuchair

30th An t-Ògmhios 2020

Ceòlas a’ toirt Uibhist a Deas thugaibh san Iuchar!

Ged a bha e na bhriseadh-dùil gun robh againn ris an sgoil shamhraidh a chur dheth am bliadhna, tha sinn air a bhith trang ag ullachadh phàirtean dhen phrògram coimhearsnachd gus an sealltainn air loidhne.

Faodar tabhartasan a thoirt dhuinn an seo.

A’ dlùthachadh ri seachdain na sgoil shamhraidh, tha seann chlàraidhean o Thasglann Cheòlais gan sgaoileadh air Facebook, cho math ri ath-chraoladh den phrògram Cathy Bhàn aig Ceòlas, a chlàradh ann an 2015.

In the lead-up to what would have been the week of the summer school, we’ve been sharing old videos from the Ceòlas archives on Facebook. BBC Radio nan Gàidheal has also re-broadcast Cathy Bhàn aig Ceòlas from 2015.

Cuirm Pìobaireachd: 8 dhen Iuchar, 9f

Facebook & Youtube. Ann an co-bhonn ris a’ BhBC, tha Ceòlas air clàradh dhen Chuirm Pìobaireachd a bh’ ann an 2018 ann an Talla Naomh Pheadair, Dalabrog, a chur ann an cruth didseatach. Tha gach cuid luchd-teagaisg agus pìobairean Uibhisteach a’ taisbeanadh dualchas làidir na pìoba ann an Uibhist mar as beò e air an latha an-diugh.

Cuirm Fìdhlearachd: 9 dhen Iuchar, 9f

Facebook & Youtube. Gabe McVarish (Dàimh) agus Aonghas Grant, fìdhlear ainmeil Lochabair, a’ toirt thugaibh deagh bhlast de phuirt san stoidhle shònraichte a bhuineas dha na Garbh Chrìochan.

An Cèilidh Mòr: 10 dhen Iuchar, 9f

Facebook & Youtube. Ged as ann a’ crìochnachadh na seachdain a tha An Cèilidh Mòr gach bliadhna, ’s e bàrr-rogha tachartasan na sgoil shamhraidh a th’ ann do mhòran. Feasgar DihAoine, an dèidh nan Dùrachdan, carson nach doirt sibh druthag bheag de rudeigin agus thig nar comhair gus an ceòl agus an dannsa Gàidhealach as fhèarr a th’ ainn fhaicinn. Le Alana NicAonghais na bean-an-taighe, tha fhios gum bi gàire ann! Iad-san a bhios a’ cluich neo a’ dannsa:

Chaidh An Cèilidh Mòr a dheasachadh le Hamish MacLeod, agus bidh cothrom eile agaibh fhaicinn air BBC ALBA air an 17 dhen Iuchar.

Vlogaichean Cheòlais

Cho math ris an trì cuirmean, bidh sinn a’ cur 10 agallamhan an-àirde tron t-seachdain. Chithear an seo iad. Bidh diofar luchd-teagaisg ann an cuideachd Alana NicAonghais a’ cuimhneachadh air dè tha fàgail sgoil shamhraidh Cheòlais cho sònraichte. Bidh cuid ann an Gàidhlig agus cuid ann am Beurla.

Tachartasan Symposium

Bidh prògram a’ tighinn a dh’aithghearr son a’ symposium eadar 26-28 dhen Iuchar.