Ùrachadh: chaidh obair air an làraich a stad ri linn èiginn a’ choròna-bhìorais, a rèir stiùireadh on riaghaltas.
Thòisich obair air an làraich aig meadhan an Fhaoilltich 2020, agus tha dùil gun crìochnaichear ìre 1 as t-earrach 2021.
Tha an obair-chladhaich an ìre mhath ullamh, agus tha a’ mhòine air a thoirt a-mach ‘s a’ chreag air a pronnadh gus rathad ùr agus fo-stèidh an togalaich a leagail.
‘S e cur a-steach an leac-stèidh agus insulation an togalaich an ath ìre dhen obair-togail, a thòisicheas tràth sa Ghiblean.
Tha dùil gun togar am frèam stàillinn mu dheireadh an Ògmhios, agus an làr shuas agus ballachan is mullach na dhèidh sin.
Bha dùil againn seisean fiosrachaidh a chur air dòigh do choimhearsnachd a’ Chinn a Deas gus an naidheachd seo a chumail riutha. Ach le suidheachadh Covid-19 an ceart uair, cha robh e comasach dhuinn sin a dhèanamh is thèid naidheachd a sgaoileadh tron làraich-lìn seo agus air na meadhanan sòisealta.
Ma tha an tuilleadh cheistean oirbh, cuir fios gu Catherine Yeatman, manaidsear a’ phròiseict Cnoc Soilleir air catherine@cnocsoilleir.org.