A rèir stiùiridhean riaghaltais mun choròna-bhìoras, tha Ceòlas agus a chompàirteachaidhean air cur rompa na tachartasan a leanas – eadar an seo agus an t-Ògmhios – a chur dheth air neo dàil a chur orra:
- Extremely Pedestrian Chorales (20 Màrt): air a chur dheth rè ùine.
- Seisean Fiosrachaidh mu Chnoc Soilleir (24 Màrt): air a chur dheth rè ùine; thèid fiosrachadh a chur air an làrach-lìn na àite, mu ùine na h-obrach-togail agus am prògram is goireasan a bhios an cois an ionaid ùir.
- MAIM (25 Màrt): air a chur dheth rè ùine
- Clasaichean Gàidhlig gan cur air loidhne; faic an seo.
- Clasaichean Bogha is Fìdheall: air an cur dheth rè ùine.
- Cothrom Còmhraidh aig Hebridean Jewellery (19 Màrt): air a chur dheth.
- Càirdeas Coimhearsnachd: air a chur dheth rè ùine leis gu bheil e ag obair còmhla ri buidhean fo chunnart.
- Cùrsa Bogaidh na Bealtainne: air a chur dheth; thèid fios a chur dhan fheadhainn a chlàraich agus thèid airgead a phàigheadh air ais.
Thèid sùil gheur a chumail air stiùireadh on bhòrd-slàinte
agus on riaghaltas sna seachdainean air thoiseach oirnn. Ge-tà, aig an ìre-sa,
tha Sgoil Shamhraidh Cheòlais 2020 fhathast a’ tachairt. Gheibh oileanaich agus
luchd-teagaisg brath air leth le fiosrachadh nas mionaidiche.
Nì sinn co-dhùnadh mu ruith na sgoil samhraidh ro 1 Ògmhios.
Tha Ceòlas fortanach mar bhuidheann gun tèid maoineachadh o leithid Alba
Chruthachail agus Bhòrd na Gàidhlig a thoirt seachad ged a bhiodh buaidh o
spagadh a’ bhìorais air a’ phrògram againn.
Bidh an luchd-obrach ag obair bhon taigh o 18 Màrt agus ‘s e info@ceolas.co.uk air
neo 01878700154 an dòigh as fhèarr greim fhaighinn oirnn.
Cumaibh sàbhailte!