Farpais òran – 1 Cèitean, 2020

21st Am Faoilleach 2020

Gus 25 bliadhna de Cheòlas a chomharrachadh, tha sinn a’ ruith farpais òran!

Feumaidh òrain, ann an cruth fuaime (MP3, CD, msaa) a bhith air an cur a-steach gu oifis Cheòlais ro 1 dhen Chèitean, 2020. Faodaidh iad a bhith mu rud sam bith, cho fad ’s a tha iad togarrach is sa Ghàidhlig.

Thèid an t-òran a ghlèidheas a theagasg aig an 25mh sgoil shamhraidh, agus feumar cead a thoirt seachad airson ath-eagrachadh.

Duais: £250

Tha comharraichean 25mh bliadhna na sgoil samhraidh a’ faighinn taic o Mhaoin Fhosgailte Alba Chruthachail.