Bidh pròiseact pìleat a’ tòiseachadh air an ath bhliadhna ag amas air cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh ann an coimhearsnachd Uibhist a Deas.
’S e amas a’ phròiseact, air a bheil ‘Càirdeas Coimhearsnachd’, gun tèid daoine a tha fileanta anns a’ Ghàidhlig a chur còmhla ri diofar bhuidhnean aoise ann an suidheachaidhean sòisealta Gàidhlig ach an neartaich sin briathrachas, cleachdadh agus càirdeasan tron chànan. Tha e stèidhichte air na prògraman cànain a thathar a’ ruith ann an Alba Nuadh le Oifis Iomairtean na Gàidhlig, a leithid ‘Bun is Bàrr’ agus ‘Na Gaisgich Òga’.
’S iad Ceòlas Uibhist agus Comunn na Gàidhlig a bhios a’ stiùireadh a’ phròiseict, le taic o Chothrom Ltd agus Comhairle nan Eilean Siar. Tha am pròiseact air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig.
Bidh am pròiseact a’ ruith eadar an Gearran agus an t-Ògmhios, 2020. Thathar a’ siubhal airson dhaoine a bhiodh deònach pàirt a ghabhail sa phròiseact, gu sònraichte pàrantan le clann òg a tha fo aois P4, deugairean ann an S1-S3, agus daoine a tha fileanta sa Ghàidhlig os cionn 18 bliadhna. Gheibh daoine a tha fileanta airgead mu choinneamh na h-ùine a bhios iad a’ cosg air a’ phròiseact.
Bidh am pròiseact seo ag amas air sgilean agus cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh am measg nam buidhnean tro dhiofar sheiseanan gan ruith gus sin a dhèanamh. Gheibh pàrantan taic phragtaigeach a thaobh a bhith a’ togail an cuid chloinne le Gàidhlig, mar eisimpleir.
Thuirt Màiri Ann Chaimbeul, o Chomunn na Gàidhlig, a bhios os cionn sruth nan deugairean: “Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair ann an compàirteachas air a’ phròiseact ùr seo. Tha co-obrachadh gu math cudromach ann an coimhearsnachdan beaga mar a tha Uibhist agus tha sinn toilichte gum bi grunnan bhuidhnean eile an sàs ann.
“Tha mi faicinn seo mar chothrom air leth do dheugairean son ionnsachadh bho dhaoine eile anns a’ choimhearsnachd mu dhiofar chuspairean.”
Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Cuiridh am pròiseact ùr seo ri amasan Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig gus barrachd dhaoine a bhrosnachadh gu bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig ann am barrachd shuidheachaidhean. ’S e cothrom air leth a th’ ann do dhaoine òga ionnsachadh o eòlas dhaoine nas sine agus beairteas a’ chànain a thoirt air adhart tro na ginealaichean.”
Airson an tuilleadh fiosrachaidh, theirigibh gu làrach-lìn Cheòlais air neo cuiribh fòn gu 01878700154.
