Às an Tobar | 17-18/11/19

27th An Dàmhair 2019

Bidh Às an Tobar, a-nis air an treas bliadhna, a’ ruith eadar 17mh agus 22ra dhen t-Samhain air feadh Uibhist.

17 Nov, 7f, Taigh-tasgaidh Chill DonnainSTEALL, iris Ghàidhlig ga foillseachadh aig CLÀR, ga sheòladh. Bidh Gillebrìde Mac ‘Ille Mhaoil, deasaiche na h-irise, an cuideachd Mòrag Anna ‘icNèill agus Liam Alastair Crouse a bhios a’ leughadh ann an taigh-cèilidh dòigheil, le ceòl is dram. (Tachartas Gàidhlig.)

18 Nov, 7f, Taigh-tasgaidh Chill DonnainUibhist a Deas, cunntas air eachdraidh is beul-aithris an eilein le Dòmhnall Iain Dhonnchaidh (Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill) ga sheòladh còmhla ri Acair. Bheir an tachartas seo gu crìche a’ bhliadhna-chomharrachaidh de 100 bliadhna o rugadh am bàrd cliùiteach ann an 1919 le leughaidhean, òrain, ceòl is dram. (Tachartas Gàidhlig.)

Gus am prògram slàn fhaicinn, tadhailibh air: https://www.uistbookfestival.org/