News > Ceòlas am Fìobha: 23/3/19

Ceòlas am Fìobha: 23/3/19

Tiugainn gu Ceòlas beag ann an Talla Rothes, Gleann Rathais, Fìobha, còmhla ri Buidheann Leasachaidh Gàidhlig Fhìobha.

23 den Mhàrt, 2019

Talla Rathais, Gleann Rathais, Fìobha

2-5f bùthan-obrach; 7-10f cèilidh

Tiocaidean: https://www.eventbrite.co.uk/e/gaidhlig-fhiobha-ceolas-workshop-tickets-54806244954

Bidh feasgar de bhùthan-obrach, ann an compàirteachas ri Buidheann Leasachaidh Gàidhlig Fhìobha, eadar 2-5f agus cèilidh teaghlaich na dhèidh eadar 7-10f air an oidhche. Bidh clasaichean gan gabhail le cuid den tàlant as fheàrr bhon Ghàidhealtachd, le a’ phìob, an fhìdhealldannsa-ceum, seinn Ghàidhlig agus còmhradh Gàidhlig gan tabhainn.

Iain MacAonghais – pìob

Kathleen NicAonghais – òran Gàidhlig

Anndra Wiseman – còmhradh Gàidhlig

Robbie Greig – fìdheall

Katie Sheathach – dannsa-ceum

Shona Masson – cluich do dhannsa

Bidh clasaichean na pìoba, na fìdhleadh agus na Gàidhlig a’ cur feum air ìre de chomas mar-thà.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach