Bidh Oifigear Leasachaidh Dannsa a’ ruith sreath de chlasaichean is eile ann an Uibhist. Bidh Lowenna Hosken, a thòisich san obair aig tòiseachd an t-Samhain, stèidhichte ann an oifis Cheòlais ann an Dalabrog, Uibhist a Deas, pàirt-ùine.
Às a’ Chòrn, dh’fhàs Lowenna suas am measg dhannsaichean sòisealta agus dannsa-ceum dualchasach na Còirne. Bha i na dannsair agus na còireògrafaiche (choreographer) còmhla ri grunn chòmhlan Còrnach, a’ gabhail a-steach Keskowethyans, Kekezza agus Hevva agus iad a’ siubhail thar na Roinn Eòrpa, Aimeireagaidh agus na sgìre Caraibich.
Fhuair i trèanadh cuideachd ann an dannsa ballet, tap, jazz, nua-aimsire, Spàinnteach agus eile, agus Sgoil Bev-Lyn do Dhannsa sa Chòrn. Bha i a’ foghlam gu bhith na cleasaiche theatre-chiùil aig Colaiste Ionad nan Ealainean-cluiche ann an Kent.
Mu dheireadh, fhuair Lowenna fo-cheum agus iar-cheum ann an Eitneòlas na h-Alba bho Oilthigh Dhùn Èideann, far an robh i stèidhichte aig Sgoil Eòlais na h-Alba.
Mar an t-oifigear ùr air leasachadh dannsa aig Ceòlas, bidh i ag obair gus solar an dannsa a thogail aig sgoiltean, buidhnean coimhearsnachd agus dachannan-cùraim ann an Uibhist. Cuiribh fios gu Ceòlas nam bu mhath leibh tachairt ri Lowenna.
Tha an dreuchd ga maoineachadh le Urras MhicDhonnchaidh agus NHS Eileanan Siar, agus bidh i a’ togail air saothar an oifigeir mu dheireadh, Sorcha Monk.