A’ comharrachadh ceòl òigridh ann an Uibhist aig trì cuirmean #yoyp2018.
Cuirmean
- 29mh den t-Samhainn 7:30f, Theatre Sgoil Lìonacleit – aig cuirm Breabach
- 30mh den t-Samhain, 7:30f, Talla a’ Chinn a Deas – aig AGM Cheòlais
- 1d den Dùbhlachd, 2f, Talla Chàirinis – le cothrom tabhartais gu MS Scotland, air a chur air aghaidh eadar Ceòlas agus Taigh Chearsabhagh.
Gus bliadhna na h-òigridh a chomharradh, fhuair Ceòlas maoineachadh bho Alba Chruthachail agus Tatù Rìoghail Dhùn Èideann gus tatùthan beaga a chur air dòigh do phìobairean, fìdhlearan, dannsairean agus drumairean, eadar aois 16-25 bliadhna.
Tha mu 20 duine òg à Uibhist air a bhith a’ cur na cuirme ri chèile thar deireadh-seachdain fada an t-Samhain. Bidh cothrom am faicinn aig tachartasan air feadh Uibhist, a’ gabhail a-steach aig cuirm Breabach air 29mh den t-Samhain ann an Sgoil Lìonacleit.