News > Lagh a’ Chladaich – symposium Cheòlais

Lagh a’ Chladaich – symposium Cheòlais

Ochòin, a chiallain, gur mi tha cianail
’S mi ’n seo gam riasladh am beul na Cròice;
An todhar fiadhaich ’s e doirbh a lìonadh,
’S chan eil sa Chrìosdachd na spìonadh ròin’ às.
(Dòmhnall Iain Dhonnchaidh, Òran an Fheamnaidh)

Tha an luach is am feum a th’ anns a’ chladach glè aithnichte do mhuinntir Uibhist, tro òrain, naidheachdan, dòighean cruitearachd agus teachd-an-tìr. Tha an dualchas seo, cho math ris na cothroman san àm ri teachd, mar chuspair na bliadhna-sa aig symposium coimhearsnachd Cheòlais, eadar 22-24 den Iuchar san Ìochdar, Uibhist a Deas.

Bheir Philip Kerrison, Scottish Association for Marine Science UHI, seachad dà òraid ann an Sgoil an Ìochdair DiLuain 23 den Iuchar: ‘History of Scottish Seaweed’ (2pm, Beurla) agus ‘The Modern Seaweed Industry and Its Future’ (6pm, Beurla). Bidh a’ chuirm phìobaireachd ga leantail ann an Talla an Ìochdair aig 8f.

DiMàirt 24 July, bidh Dr Kevin Grant, Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba, a’ sgrùdadh arc-eòlas na feamainn air Taobh a Tuath Loch Aoineart, le òraid aig Sgoil an Ìochdair (1:30f) agus cuairt threòirichte chun nan làraichean taobh an locha. Eadar tachartasan, bidh seirbheis shònraichte ann an Eaglais Thobh’ Mòir aig 3f, le Iain Aonghas MacFhilip, Beàrnaraigh na Hearadh, a’ cur a-mach na loidhne.

Bidh cuairtean treòirichte air a’ chladach an taobh an iar agus an taobh an ear sa mhadainn aig 10:30m DiLuain agus DiMàirt, agus an cèilidh teaghlaich àbhaisteach a’ toirt ghnothaichean gu crìoch air an 24mh latha ann an Talla an Ìochdair, le Mòrag Alasdair Mhòir, preasantair air an radio, na bean-an-taighe.

Tòisichidh an symposium DiDòmhnaich, 22ra den Iuchar, le aifreann ann an Eaglais Àird Choinnich san Ìochdar agus latha spòrsail do theaghlaichean eadar 4f-6f. Bidh Màrtainn Mac an t-Saoir, ùghdar agus seanchaidh, a’ cur a nobhail ùir air bhog, Samhradh ’78 (Clò Luath), agus bidh e a’ leughadh, a’ còmhradh agus a’ cluich nan teipeachan a chlàraich e fhèin am measg nan daoine thar deagh chunntais de bhliadhnaichean, a’ gabhail a-steach Alasdair Mòr, Eilidh Wilson, Seònaid NicAmhlaigh agus eile. Tha na clàraidhean gan tasgladh aig Museum nan Eilean.

’S e amas an symposium a bhith a’ toirt mòr-shealladh air an fheamainn do choimhearsnachd Uibhist, far a bheil ginealaichean mòra air a bhith an sàs ann. Mar a sheinn Seonaidh Caimbeul, Taobh a Tuath Ghleann Dàil:

’S fhuair sinn mar fhasan or seanair ’s or seanmhair,
Nuair thig an t-earrach bhith teannadh ri feamnadh.

Tha an làn-phrògram air an làrach-lìn againn, air neo bho oifis Cheòlais, 01878700154. Tha e air a mhaoineachadh gu fialaidh le Bòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail, CnES agus HIE.

Làn-phrògram an seo.[:]