
- This event has passed.
Taisbeanadh Poblach | Public Performance of Sgeulachdan an Tilley @ Cnoc Soilleir
Tuesday 28 February at 10:00 am - 11:00 am
Free
Tha Sgeulachdan an Tilley stèidhte ann an 2023 ann an taigh ann am baile beag air a’ Ghàidhealtachd. Tha latha stoirmeil air a bhith ann a th’ air power cut adhbhrachadh, ‘s e a’ fàs nas duirche is bodach is cailleach a’ strì gus toirdsichean a lorg.
Tron dealbh-chluich ionnsaichidh an luchd-èisteachd mu chuid de na sgeulachdan traidiseanta a chluinneadh na caractaran nan òige tac an teine len teaghlach ‘s an nàbaidhean air oidhche dhen leithid. Thèid na sgeulachdan ath-bheòthachadh tro ghnìomhan, ceòl is seinn.
Tha an dealbh-chluich seo air chuairt le Meanbh-chuileag aig Fèisean nan Gàidheal, ‘s e freagarrach do chlann aois 8+ le Gàidhlig.
Thèid airgead a thogail aig an doras ach feumar àite a ghlèidheadh gus am bi fios againn mu àireamhan. Cuiribh ur n-ainmean sìos gu h-ìosal.
Sgeulachdan an Tilley, or Tilley Tales, is set in 2023 in a house in a small Highland village. A storm has caused a powercut, and as it grows dark an old man and woman are searching for torches.
Throughout this performance, the audience will be told some of the traditional stories the characters heard by the fireside from their family and neighbours as youngsters. The stories will be brought to life through drama, music and song.
This performance is part of a tour of Meanbh-chuileag, Fèisean nan Gàidheal’s drama service geared towards Gaelic-speaking children 8+.
Money will be collected at the door but places must be secured in advance so we know of numbers. Book your place below.