March 8, 2005

Iain Dòmhnallach – Stìuiriche Ealain

’S e Iain as òige dhe na bràithrean Dòmhnallach à Gleann Ùige. A bharrachd air a bhith na shàr phìobaire, tha urram aige airson an tuiseal a chluich, airson riochdachadh ciùil, airson dèanamh ciùil agus airson cluich aig cuirmean. Tha e a-nis a’ fuireach ann am Beinn na Faoghla agus tha e ag obair pàirt-ùine mar neach-teagaisg air a’ chùrsa Cànan agus Ceòl aig Colaiste Bheinn na Faoghla cho math ri bhith a’ teagasg ann an ionadan foghlaim eile leithid an RSAMD, Oilthigh Luimneach agus Sgoil-chiùil na Gàidhealtachd anns a’ Phloc. Bha e na ‘Neach-ciùil na colaiste’ ann an Sabhal Mòr Ostaig fad seachd bliadhna. Bha e cuideachd ann an còmhlan a’ Bhattlefield fad iomadh bliadhna agus roimhe sin bha e anns a’ chòmlan chliùiteach ‘Ossian’. Cluichidh Iain a’ phìob mhòr, a’ phìob bheag, an tuiseal agus an fhìdeag agus cluinnear e a’ cluich air a’ chlàr mu dheireadh aig Ceòlas ‘Oirfeid Uibhist’ agus air a’ chlàr a rinn e còmhla ri Iain MacFàrlain ‘The First Harvest’. Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig www.iainmacdonald.eu no http://www.myspace.com/iainmacdonald, www.facebook.com/iainmacdonald