November 22, 2016

Hamish Moore

Stèidhich Hamish Moore Ceòlas ann an 1996 le taic agus cuideachadh bho Chalum Mac ’IllEathain aig Pròiseact nan Ealain. Stiùir Hamish Ceòlas mar Stiùiriche Ealain anns na ciad bhliadhnaichean gus an deach an fhèis a stèidheachadh am measg coimhearsnachd ionadail Uibhist a Dèas agus bhon uair sin, tha Ceòlas air a dhol air adhart gu bhith mar thè de na prìomh bhuidhnean ann an coimhearsnachd ealain Innse Gall, ann an raon cultair agus dualchais na h-Alba agus thathar air iomadach pròiseact adhartach aig ìre ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta a lìbhrigeadh agus thathar air duaisean a bhuannachadh leithid Pròiseact Coimhearsnachd MGAlba na Bliadhna,  Duais MG Alba airson Gàidhlig mar bhuaidh eaconamach, Duais Eadar-nàiseanta na Gàidhlig..msaa… Nach e Hamish a dh’fhaodas a bhith moiteil às na chuir e air bhonn!

hamish-moore-concert-barga-09232008-3

Bha Hamish air a tharraing gu dualchas Cheap Breatainn agus mar a bha ‘blas’ làidir fhathast aig ceòl agus cultar Cheap Bhreatainn.  Tha ceanglaichean follaiseach ann eadar Uibhist a Deas agus Ceap Breatainn agus mar sin bha e ciallach Sgoil Shamhraidh a stèidheachadh ann an Uibhist a Deas gus feuchainn air na ceanglaichean eadar an dà eilean a neartachadh. Tha deagh eòlas aig Hamish ann a bhith a’ ruith sgoiltean shamhraidh ann an iomadach àite ann an Alba agus anns na Stàitean Aonaichte – California, Carolina a Tuath agus Vermont. Tha an tè mu dheireadh dhiubh sin air a bhith a’ dol fad sia bliadhna fichead agus tha i a-nis air a ruith le a mhac, Fin.