Tagradh Planaidh Cnoc Soilleir

Tha Pròiseact Cnoc Soilleir air clach-mhìle chudromach a ruighinn. Chaidh tagradh planaidh an togalaich a chur a-steach do Chomhairle nan Eilean Siar. ’S e iomairt chompàirteach a th’ ann an Cnoc Soilleir, eadar Colaisde a’ Chaisteil UHI agus Ceòlas Uibhist, a bhios ann an Dalabrog, Uibhist a Deas. ’S e aon de na coimheasnachdan as Read more about Tagradh Planaidh Cnoc Soilleir[…]

Às an Tobar – fèill litreachais 30/11-2/12/17

Fèill ùr litreachais Bidh litreachas Gàidhlig Uibhist a’ nochdadh ann an iomadach cruth, bho òrain is bàrdachd, gu faclan is cainnt, agus sgeulachdan is nobhailean. Bidh beairteas an litreachais seo a’ biadhachadh a chèile, a’ leigeil leis na ginealaichean tarraing à tobair dhomhainn an dùthchais. San fhèill litreachais seo, gheibhear blasad beadarach de na th’ Read more about Às an Tobar – fèill litreachais 30/11-2/12/17[…]

Symposium Ceòlas a’ soilleireachadh sliochd bhàrd meadhan-aoiseach

B’ e Clann ’ic Mhuirich, teaghlach bhàrd clasaigeach a dh’fhan ann an Stadhlaigearraidh agus Dreumasdal eadar an 16mh agus an 19mh linn, cuspair symposium coimhearsnachd Ceòlas Uibhist airson 2017. Nochd tòrr mòr às a’ choimhearsnachd aig an tachartas thar ceithir latha, cho math ris an dà ollamh, Dr Sìm Innes, Oilthigh Ghlaschu, Dr Ùisdean Cheape, Read more about Symposium Ceòlas a’ soilleireachadh sliochd bhàrd meadhan-aoiseach[…]