Siubhal

Siubhal a dh’Uibhist

Ri linn na sgoile-samhraidh, bidh Ceòlas a’ cur còmhdhail air dòigh bho na puirt-adhair agus puirt-aiseagan ann an Uibhist agus Beinn na Faoghla.

Pleana: faic Loganair. Itealan dìreach à Glaschu gu Beinn na Faoghla, agus corra uair à Dùn Èideann. Tha seo nas daoire, ach ’s e as luaithe agus as fhasa.

Trèan: faic ScotRail. Trèana à Glaschu (Sràid na Banrighinn) don Òban. Tha an loidhne seo eireachdail agus ’s fhiach an ùine.

Bus: faic Citylink. Busaichean a’ dol do dh’Ùige (taobh tuath an Eilein Sgitheanaich) agus do Mhalaig (airson Loch Baghasdail) agus don Òban (airson Barraigh).

Càr: an t-astar as giorra, ach an aiseag as fhaide, ’s e taobh Mhalaig. Bidh aiseag an Òbain a’ dol gu Barraigh.  Air neo, faodaidh sibh a’ cumail oirbh do dh’Ùige, san Eilean Sgitheanach (~5 uairean à Glaschu) agus bàt’-aiseig 1:45 uairean a’ gabhail a Loch nam Madadh (Uibhist a Tuath), ’s an uair sin cumail oirbh gu deas do Dhalabrog (uair an uaireadair). Thathar a’ moladh àite a ghleidheadh air an aiseag ro-làimhe.

Travel

Aiseag: faic Calmac. ’S e an aiseag as fhaide bho Mhalaig gu Loch Baghasdail; ’s e an aiseag as giorra Ùige (An t-Eilean Sgitheanach) gu Loch nam Madadh (Uibhist a Tuath). Cha tèid aiseag an Òbain ach gu Bàgh a’ Chaisteil.  ’S e aiseagan as cumanta an dòigh-shiubhail do na h-eileanaich agus ’s iad as saoire. **2019:  tha dùil ri iarrtas mòr air an aiseag agus thathar a’ moladh àite a ghleidheadh cho tràth ’s a ghabhas**

A’ tighinn gu Alba: mas ann bho thall thairis a tha sibh a’ tighinn, ’s e port-adhair Ghlaschu Eadar-Nàiseanta as fheàrr, air neo Glasgow Prestwick san dara àite. Tha port-adhair ann an Dùn Èideann nach eil ro fhada às. Bidh seirbhis-bus a’ dol eadarra.

Faodaidh sibh a’ siubhail do dh’Uibhist air caochladh dhòigh (faic làrach-lìn Visit Hebrides airson cuideachadh agus mapaichean).

G’ e brith ciamar a shiubhlas sibh a dh’Uibhist, thoir beagan ùine air an t-slighe bòidhchead na h-Alba fhaicinn, oir aon uair ’s gun ruig sibh Ceòlas, cha bhi an cothrom agaibh!

Siubhal ann an Uibhist

Bidh Ceòlas a’ cur bus-beag air dòigh airson oileanaich gu na clasaichean agus tòrr de na tachartasan oidhche. Thig am bus gur togail bhon phort-adhair, port-aiseig, agus àite-còmhnaidh ann am Beinn na Faoghla, Uibhist a Deas agus Èirisgeidh. Tha, cuideachd, seirbhis-bus nan Eilean. Tha tagsichean ann – gheibh sibh na h-àireamhan am pasgan Ceòlas. Agus, ma tha sibh stèigte, bidh daoine daonnan a’ toirt lioftaichean dha chèile.

Cuir fios thugainn ma tha ceist sam bith agaibh.