Prògram (sgoil/feasgair)

Prògram na Sgoile Samhraidh

Tha an sgoil shamhraidh a’ ruith bho 9m-4f DiLuain gu DihAoine, le crìochnachadh nas tràithe DiCiadain (3f). Tha taghadh air clasaichean – ciad roghainn agus dàrna roghainn – a’ leigeil leis na h-oileanaich barrachd air aon chuspair fheuchainn, a’ fàgail gu bheil tuigse nas fhèarr aca air mar a tha na diofar ealainean Gàidhealach ag obrachadh còmhla. Bidh clas do chiad roghainn agad dà thuras san latha, agus clas do dhàrna roghainn agad aon turas san latha, le aon chlas Gàidhlig do na h-uile. (Faic gu h-ìseal.)

Prògram Coimhearsnachd

Tha an sreath de thachartasan feasgair agus oidhche air aon de na rudan as prìseile mun sgoil shamhraidh, a’ gabhail a-steach cuairtean, seiseanan-chiùil sna taighean-òsta, agus dannsaichean is cèilidhean sna tallaichean-baile. Tha na taighean-cèilidh do dh’oileanaich na sgoil shamhraidh a-mhàin.

Tha prògram coimhearsnachd 2019 ri fhaicinn an seo.