Sophie NicSteaphain

’S e ceòladair is dannsair tradaiseanta a th’ ann an Sophie NicSteaphain, à Cill Chuimein. Fhuair i eòlas an tòiseachd air dannsa-ceum bho Harvey Peutanach nuair a bha e a’ teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig, is tha i air cumail oirre ag ionnsachadh cheumanan ùra, bho dhannsairean mar Dhonal Brown, Frank McConnell, Deirdre Graham, Jane MacNeil agus Margie Beaton.

A’ leantainn a h-àrach ann an cultar na Gàidhealtachd, tha dìorras aice do cheòl is dannsa tradaiseanta.

Tha Sophie dìleas ri bhith adhartachadh an tradaisein de dhannsa-ceum, is chuir i Sophabulous Steps air dòigh gus a bhith a’ teagaisg dannsa-ceum fhad ’s a bha i a’ fuireach ann an Uibhist a Deas, far an do rinn i cùrsa ciùil thradaiseanta aig Colaiste Bheinn na Faoghla. Bhon uair sin, tha Sopie air co-obrachadh air iomadh pròiseact is a’ teagaisg is dannsadh air feadh na h-Alba is an t-saoghail aig sgoiltean-ciùil is fèisean, a’ gabhail a-steach Celtic Connections (Glaschu), Ceòlas (Uibhist a Deas), Sabhal Mòr Ostaig (an t-Eilean Sgitheanach), Fèis Belladrum (Inbhir Nis), Fèis Blas (Alba), Best of the West Festival (Inbhir Aora), TradFest (Dùn Èideann), The Fringe (Dùn Èideann), Womad (Sasainn), Champlain Valley Percussive Dance (Burlington, Vermont), Rollo Bay Fiddle Festival (Eilean Eòin, Canada), P.E.I. Fiddle Camp (Charlottetown, Canada), Re-Jigged Festival (Alba Nuadh, Canada) agus UKM Arctic Art Impulse (Troms, Nìrribhidh).

Tha Sophie an-dràsta an sàs le iomadach pròiseact cruthachail, mar THREADS, TradBeats agus Huradal, is ise cuideachd gu bitheanta na h-oide le Fèisean nan Gàidheal.