Shelly Chaimbeul

Rugadh is thogadh Shelly Chaimbeul ann an Ceap Breatainn, is tha i air a bhith a’ seinn ceòl tradaiseanta fad faisg air 30 bliadhna. Chuir fìdhlearan Alba Nuaidh mar Stephanie Wills, Theresa MacLellan, Gertie Coffin agus Alex Francis MacKay buaidh air a cuid ciùil. Bidh Shelly ga cluinntinn gu bitheanta aig cuirmean-chiùil, taighean-seinnse, fèisean, is tha ise na fìdhlear mòr-chòrdte a bhith a’ seinn aig dannsaichean ann an siorramachd Inbhir Nis. Ged a bhios i a’ fuireach ann an Ceap Breatainn cuid mhòr dhen ùine, tha i air teagaisg is cluich air feadh Alba Nuadh, Eilean a’ Phrionnsa, is New Brunswick, is cuideachd ann an Ontario, Èireann, Alba is An Danmhairg. Tha ùidh mhòr aice ann an Gàidhlig is cor a’ chànain ann an Ceap Breatainn, is bidh i ag obair air na sgilean cànain a th’ aice fhèin. Bidh Shelly a’ teagaisg na fìdhle is tha i air a bhith an sàs le togail is stiùireadh Fèis Cheap Breatuinn, a bhios ag amas air barrachd chothroman a’ toirt do dh’òigridh a thaobh ionnsachadh is leasanan ann an ceòl tradaiseanta, dannsa, is cànan ann an Ceap Breatuinn. Tha an ceòl aig Shelly beòthail, binn is freumhaichte sa cheòl dhùthchasach a chuala i fhad ’s a bha i a’ fàs suas.