Robbie Greig

Rugadh Robbie Greig ann an Dùn Èideann, ach tha ceanglaichean teaglaich ri Uibhist a Deas aige, is chaidh a thogail ann an taigh far an robh cultar is ceòl nan Gàidheal làidir. Ghabh e pàirt anns an Fhèis ionadail is an Edinburgh Youth Gaitherin’ nuair a bha e aig Bun-sgoil Chrois na Cìse ’san ionad Gàidhlig. Chaidh e gu Colaisde a’ Chaisteil Bheinn na Faoghla nuair a bha e 16, is fhuair e diploma anns na Meadhanan Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig às a dhèidh. Bidh Robbie a’ teagaisg aig Fèisean air feadh na h-Alba, is gabhaidh e turas uaireannan leis a’ chòmhlan Paul McKenna, Malinky is Talisk. O chionn goirid (2017), chaidh a thaghadh mar a’ chiad bhuannaiche dhen Neil Gow Scottish Fiddle Award aig Caisteal Blàrach.