Mats Melin

B’ ann an an Stockholm a rugadh Mats Melin. Tha esan na dhannsair, rannsaiche is choireògrafaiche, is tha e air a bhith ag obair gu proifeiseanta le dannsa tradaiseanta ann an Alba bho 1995, is ann an Èirinn bho 2005.

Tha Mats an-dràsta na òraidiche air Dannsa, co-òrdanaiche Erasmus Acadaimigeach, is Stùiriche Cùrsa do MA ann an Eòlas Dannsa Èireannach aig an Irish World Academy of Music and Dance, Oilthigh Limerick, Èirinn.

Tha Mats air a bhith an sàs le bhith a’ teagaisg dannsa, rannsachadh, is obair taisbeantais air feadh na dùthcha is thall thairis. Bha e na ‘Traditional Dancer in Residence’ do cheithir ùghdarrasan ionadail Albannach – Sealtainn (1995-96), Cataibh (1996-98), Aonghas (1998-2002) agus Peairt is Ceann Rois (2002-2003).

Bha Mats na phàirt dhen sgioba a thòisich am buidheann dannsa Albannach ‘Dannsa’ ann an 1999, is chaidh iarraidh air coireògrafachd a dhèanamh do Northlands Festival, St. Magnus Festival, is an North Atlantic Fiddle Convention.

Tha Mats air a’ bhòrd-stiùiridh dhe Fòram Dannsa Tradaiseanta na h-Alba. B’ àbhaist dha a bhith air an Comataidh Danns aig Comhairle Ealain na h-Alba, is bha oifis aige aig an Dance Research Forum Ireland.