Màiri Sìne Laomaind

’S ann à Baile an Rìgh, Ontario (Canada) a tha Màiri Sìne Laomaind o thùs, ach b’ ann ann an Alba Nuadh, a’ cèilidh air a seann-phàrantan nuair a bha i òg, a fhuair i òrain is dualchas Gàidhlig na h-Alba greim oirre. Tha i a-nist na seinneadair sàr-chliùiteach air beulaibh luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail, moiteil às an dualchas Alba Nuadh aice.

Bidh a cuid ceòl gu tric a’ cur ceòl tradaiseanta is dòighean ùr-nòsach còmhla. Tha Màiri aithnichte mar an seinneadair air an traca mòr-chòrdte 1995 aig Ashley MacIsaac ‘Sleepy Maggie’, is airson an òrain ‘Horo Ghoid thu Nighean’ bhon clàr a rinn i fhèin ann an 1997, ‘Suas e!’, a bha am measg na 40 òrain as mò fèill ann an Canada. Chaidh an clàr ‘Seinn’ a rinn i còmhla ri Wendy MacIsaac air an fhìdheall ainmeachadh mar fhear de na 10 clàran as fheàrr ’s a roinn Folk agus Americana ’s a bhliadhna 2012 le National Public Radio anns Na Stàitean Aonaichte.