Ingrid NicEanraig

Stèidhte ann an Loch Abair, tha ceòl air a bith timcheall Ingrid NicEanraig fad a beatha. ’S e Savourna Stevenson, Aonghas Granndach is an teaghlach aice fhèin a bha ga brosnachadh nuair a bha i òg, is cha b’ fhada mus do thòisich i a bhith a’ seinn, a’ siubhal, is a’ clàradh.

Ghlèidh i Duais BBC Radio 2 Young Tradition na deugaire, is bhon uair sin fhuair i cothrom a bhith a’ siubhal is a’ cluich ann an iomadh àite mar an Vancouver Folk Festival, Lorient ’sa Bhreatainn Bhig, is Dranouter, sa Bheilge. A bharrachd air a bhith a’ siubhal is a’ cluich, dh’obair i còmhla r’a bràthair, Ailean (Blazin’ Fiddles), a’ dèanamh chlàraidhean. Às dèidh sin, shiubhal i leis a’ chòmhlan mhòr Cliar fad 8 bliadhna. An-diugh, bidh ise a’ cluich gu bitheanta le Còmhlan-cèilidh Gleannfhionnain, leis an t-seinneadair Sgitheanach Anne Martin, is mar trio leis an t-seinneadair Ghàidhlig Mairead Stiùbhairt is am pìobaire Aonghas MacNeacail.

Tha fèill oirre mar neach ciùil-taic cuideachd, is tha a h-ainm air nochdadh air iomadh clàr ceòl tradaiseanta. Chaidh an clàr aice fhèin, ‘The Little Beauty’, a dhèanamh còmhla ri Dòmhnall Seathach (Capercaillie), a sgaoileadh ann an 2005, fo sgèith a’ chompanaidh a bhios ise is a duine, Iain MacPhàrlain, a’ stiùireadh – ‘Old Laundry Productions’.