Iain Mac a’ Phàrlain

Rugadh is thogadh Iain Mac a’ Phàrlain ann an Gleann Fhionnain agus bho aois òig, tha ceòl agus òrain nan Gàidheal an dèis a bhith ga chuairteachadh.

Fhuair e ionnsachadh na òige bho athair, Teàrlach, agus fìdhlear à taobh Loch Nis, Dòmhnall Riddell. Thug nòs pìobaireachd taobh siar na Gàidhealtachd buaidh mhòr air saoghal Iain agus bha e fortanach tòiseachadh aig aois òig fo stiùir a’ Mhaidseir Pìoba, Eòghann MacRath.

Bhon uair sin, tha e air cluich còmhla ri iomadh duine a’ gabhail a-steach Boys of the Lough, Phil Cunningham agus Iain Dòmhnallach, cho math ri gaisgich sgìreil an leithid Fhearchair MhicRàth agus Fergie Dhòmhnallaich. Bho chionn ghoirid, ’s e Blazin’ Fiddles agus Còmhlan-cèilidh Ghleann Fhionnain as motha dham bi e cluich agus sin air feadh an domhain.

Tha teagasg na phàirt mhòr de shaothar Iain agus bidh e tric aig Fèisean is eile, agus tha e na phrìomh-oide na fìdhle aig Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd.

Mu dheireadh, dh’fhoillsich e clàr leis fhèin, ‘Gallop to Callop’, air e bheil Eòghann Robasdan (Breabach), Dermot Byrne (Altan) agus Ingrid NicEanraig a’ nochdadh.

 

‘Iain has a rightly earned reputation for bringing absolute joy to his live appearances. If, in your life, you only listen to one album of Scottish fiddle music this is the one.” MacNeil, Folkradio.com

“It’s a great showcase for MacFarlane’s own mighty fiddling character.” Rob Adams, Glasgow Herald