Harvey Peutan

Thogadh Harvey ann an Còbh a’ Phlàstair, Eilean Cheap Breatainn ann an Albann Nuaidh. Ghabh e ris an dannsa-ceum aig aois 14 bliadhna agus bhiodh e dannsa aig cuirmean Albannach as t-samhradh timcheall Cheap Breatainn agus còrsa sear Chanada. Bho chionn ghoirid bhiodh e a’ dannsa aig Celtic Colours agus Fèis a’ Chidsin.

Cho math ri bhith na dhannsair e fhèin, tha feum air mar thìdsear-dannsa agus tha e an dèis dannsa agus teagasg thar Chanada, nan Stàitean Aonaichte agus na Roinn Eòrpa. Sna Stàitean, tha e air clasaichean a ghabhail an leithid Sgoil Fìdhlearachd Alasdair Fhriseil ann a’ Valley of the Moon; Fiddle Tunes ann am Port Townsend, Washington, Fèis Nàiseanta Folk agus Fèis na h-Èireann Washington.

Thar a’ chuain, tha Harvey air dannsa aig Coláiste na hOillscoile Corcaigh agus air tbh ann am Baile Átha Cliath. Bha e na thìdsear dannsa-ceum aig Sabhal Mòr Ostaig son iomadh bliadhna agus na dhannsair aig Fèis Rois ann an 2005. Bhiodh e an sàs aig Ceòlas son iomadh bliadhna agus e a’ tilleadh ann an 2019. Ged as e dannsair-ceum a th’ ann, bidh e uaireannan a’ cluich a’ phianò do fhìdhlearan Cheap Breatainn.