Eilidh Sheathach

’S ann an Taigh an Uillt, Earra Ghàidheal, a tha Eilidh Sheathach. Is ise an tè as òige de cheathrar ann an teaghlach gu math ceòlmhor. Dh’fhuirich i ann an Dùn Èideann nuair a bha i na ficheadan, is bha i na pàirt dhe corra chòmhlan – The Poozies, ris a bhios i fhathast a’ cluich, Harem Scarem, buidheann eclectic alt-folk, is The Squashy Bog Dance Band – a bharrachd air a bhith an sàs le iomadach pròiseact le ceòladairean eile bho dhiofar ghnèithean de cheòl.

Ged a tha an dòigh seinn aice fhathast stèidhte ’san taobh siar de dh’Alba, bidh ise a-nist a’ cluich gu bitheanta le ceòladairean Lochlannach, Afraganach, Breatanach, is Frangach. Bidh ise a’ fuireach ann an Loch Abair, far am bi ise a’ teagaisg na fìdhle, a’ cluich do dhannsaichean is seiseanan-ciùil, is a’ stiùireadh na fèis bliadhnail, Fèis na Mara, is an Arisaig Acoustic Music Club. Tha i air clàr a dhèanamh air a bheil ‘Heeperumbo’.