Coinneach MacCoinnich

’S e pìobaire is fìdhlear à Màbu, Eilean Cheap Breatainn, a th’ ann an Coinneach MacCoinnich. Chaidh a thogail le Gàidhlig aig an taigh is tha cultar nan Gàidheil air a bhith na phàirt bhunaiteach dhe bheatha bhon a bha e gu math òg. Tha e air ceòl na pìoba a sgrùdadh aig Colaiste na Pìobaireachd ann an Eilean Eòin còmlha ri  Scott MacAulay, ann an Alba, is aig Colaisde na Gàidhlig (Alba Nuadh) thar nam bliadhnaichean, is tha an ceòl aigesan a’ fàs aithnichte airson a bhrìgh tarraingeach, beòthail is tradaiseanta. Tha Coinneach a’ nochdadh air grunn chlàraidhean, mar an clàr Pìob is Fìdheall a rinn e le bhràthair nas sine Aonghas, e fhèin na cheòladair le deagh aithne ann an Alba. Tha e air ceòl a chluich air feadh taobh sear Chanada, na Stàitean Aonaichte, Èirinn, Alba, an Rìoghachd Aonaichte, agus Meadhan-Aimeireaga. ’S an latha an-diugh, bidh e a’ fuireach ann am Màbu, is ag obair mar einnseanair.