Cartìona Nic an t-Saoir

Rugadh is thogadh Catrìona Nic an t-Saoir anns an Ìochdar ann an Uibhist a Deas, is ged a tha i air a bhith ag obair is a’ fuireach ann an sgìre Loch Abair fad faisg air 40 bliadhna, bidh ise ga h-ainmeachadh fhèin mar Uibhisteach air thòiseachd air rud sam bith eile.

Tha i air a dreuchd a leigeil bhuaipe ann am foghlam o chionn goirid. Sna bliadhnaichean mu dheireadh a bha i ag obair, bhiodhi a’ teagaisg, a’ fàs, is a’ cur taic ri cròileagan is bun-sgoiltean le prògraman tro mheadhan na Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd.

Bidh e a’ còrdadh rithe gu mòr a bhith a’ cuideachadh sgoilearan de gach aois gus feabhas a chur air an cuid Gàidhlig.  Tha i anns a’ Scottish Traditional Music ‘Trad Awards’ Hall of Fame. Bidh Catrìona air bòrd-stiùiridh Cheòlais, agus is ise na prìomh oide-ionnsachaidh do na clasaichean Gàidhlig aig Ceòlas.