Ashley NicDhòmhnaill

Chaidh togail Ashley ann am Beinn na Faoghla is Uibhist a Tuath, is bha suim aice ann an ceòl na pìoba on a bha i gu math òg. Thòisich i nuair a bha i 8 bliadhna a dh’aois, is bha i air a teagaisg le Calum Caimbeul, nach maireann, à Beinn na Faoghla, is Dòmhnall Bàn Dòmhnallach, a tha càirdeach ris a teaghlach. Dh’ionnsaich i cuideachd bho h-uncail,nach maireann, Seonaidh a’ Bhàigh an Eilean Fhlodaidh, seinneadair bhogsa ainmeil ’s na h-eileanan.

Thòisich Ashley ri Còmhlan-pìoba Uibhist mu aois 12 bliadhna, is thòisich ise a bhith siubhal gu co-fharpaisean ann an Uibhist, Leòdhas is air tìr-mòr. Chaidh i gu sgoiltean samhraidh aig Ionad na Pìobaireachd ann an Glaschu, far an deach iarraidh oirre pàirt a gabhail sa champa agus iad a’ stèidheachadh Còmhlan-pìoba Òg Nàiseanta na h-Alba. B’ e Ashley a’ chiad neach às na h-Eileanan Siar a chluich anns a’ chòmhlan seo.

Às dèidh beagan de bhliadhnaichean, ghluais i a Leòdhas, far a bheil i a-nist stèidhte is a bhios i a’ cluich le Còmhlan-pìoba Leòdhais(?), a ghlèidh a’ chiad àite aig Co-fharpais na Roinn-Eòrpa ann an 2017. Tha sgoil pìobaireachd aice fhèin ann an Leòdhas, le mu 35 sgoilearan.