Ailig Bhaltois Dòmhnallach

’S ann à Bhaltos, ’san Eilean Sgitheanach, a rugadh is thogadh Alec. Chaidh e gu bun-sgoil Stafainn, is dhan àrd-sgoil ann am Port Ruigh. Às dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e gu colaisde ann an Dùn Èideann fad ceithir bliadhna.

Bidh Alec an-diugh a’ fuireach is ag obair ann an Obar Dheathain, ged a tha taigh an teaghlaich fhathast aige. Tha esan am measg nan Teaching Fellows aig Oilthigh Obar Dheathain, is bidh e a’ dèanamh eadar-theangachadh is guthan do phrògraman chloinne air BBC Alba. Cluinnear Alec cuideachd air Na Dùrachdan aig Radio nan Gàidheal.

Tha Alec air a bhith a’ teagaisg na Gàidhlig gu inbhich fad còrr is 30 bliadhna, cuid mhòr dhiubh ann an Alba, ach feadhainn anns Na Stàitean Aonaichte, Canada, is a’ Ghearmailt.

Tha e uabhasach fhèin toilichte a bhith a’ tilleadh a Cheòlas is Uibhist a Deas. Tha e deànamh fiughar mòr ri bèicearachdsgoinneil ’s a chanteen, gu sònraichte a’ chèic lemon drizzle aig Peigi.