Ailean Ghlinn Ùige Dòmhnallach

Na reul-iùil ann an saoghal a’ chiùil Ghàidhealaich, tha Ailean Dòmhnallach ga iarraidh air feadh an t-saoghail mar sgrìobhaiche-ciùil, stiùiriche-ciùil, pìobaire, seinneadair, stiùiriche bùth-obrach, is òraidiche air ceòl Gàidhealach. Am measg chomasan Ailein ’s e a bhith a’ fosgladh annasan pìobaireachd don mhòr-shluagh. Bidh e ag obair gu sònraichte  gus nòs na pìobaireachd bhon t-17mh linn a thilleadh air ais dhan tùsan Gàidhealach, agus sin air buaidh a thoirt air ginealach ùr de phìobairean.

Tha Ailean air seinn aig cha mhòr gach fèis mhòr Cheilteach is pìobaireachd air an t-saoghal. Tha esan na òraidiche air a’chùrsa ‘Ceòl Albannac’h aig an Royal Scottish Academy of Music & Drama agus tha e air grunn phìosan chiùil a sgrìobhadh don BhBC. Ann an 1999 agus 2004, bha Ailean a’ stiùireadh dà shreath ùir do dh’Fhèis Eadar-Nàiseanta Dhùn Èideann, a chaidh dhèanamh ann an 13 cuirmean-ciùil, a thaisbeanadh gach taobh den dualchas pìobaireachd, a’ dèanamh ceangail eadar an ceòl is eachdraidh is cultar na h-Alba. Ann an 2005, bha e na cho-stiùiriche do shreath telebhisein 6 pàirt a nochd air RTE, BBC3 agus ITV – “The Highland Sessions” – a’ coimhead air a’ chànan agus air a’ cheòl choitcheann a tha a’ ceangal na h-Alba agus Èireann, a ghlèidh duais film aithriseach ciùil as fheàrr ann an Èirinn.