Pìobaireachd

Pìobaireachd na h-Òigridh (ciad & dàrna roghainn)

Ashley NicDhòmhnaill

Ionnsachadh madainn, feasgar no fad-latha do dhaoine òga aois 14-17 bliadhna; foghlam coitcheann sa phìob, ag obair gu ruige cluich aig deireadh na sgoile air DihAoine.

 

Òran Pìobaireachd (ciad roghainn) & Ceòl Mòr (dàrna roghainn)

Ailean Dòmhnallach

Tha òrain phìobaireachd a’ ruith tro cheòl mòr mar ùrlar, agus bidh seo air a chur seachad fo sgèith tradaisein phìobaireachd na Gàidhealtachd an Iar. Tha eisimpleirean ann leithid ‘Maol Donn’,  ‘Cumha na Cloinne’, ‘Cumha Mhic an Tòisich’ agus ‘Colla mo Rùin’.

’S e ionnsachadh nam pìosan mòra clasaigeach a bhios anns a’ chlas Ceòl Mòr, a’ cur cuideam air an dòigh ùr sam bheileas a’ tuigsinn a’ chiùil mar mheur de chultar na Gàidhlig, seach meur den chultar armailteach a tha cho follaiseach ann an saoghal pìobaireachd an latha an-diugh.

 

Pìobaireachd do Dhannsa (ciad & dàrna roghainn)

Coinneach MacCoinnich

Dòigh phìobaireachd nas sòisealta a tha cumanta sna coimhearsnachdan Gàidhealach an Alba agus Alba Nuadh, a’ cur cuideam air puirt bheadarach dannsaidh mar ruidhlichean, stràth-spè agus puirt-chruinn (jigichean), seach meur-sgeadachadh.