Sgoil shamhraidh

7-12 den Iuchar, 2019

Ionnsachadh barraichte ann an ceòl, dannsa agus cànan na Gàidhlig bhon luchd-chiùil thradaiseanta as fhèarr à Alba is Canada; cuairtean treòirichte, taighean-cèilidh agus dannsaichean aig tallaichean-baile sa choimhearsnachd as treasa sa Ghàidhlig; fìor chultar nan Eilean beò na dhachaigh fhèin.

Tha sgoil shamhraidh Cheòlais gun choimeas. Airson seachdain san Iuchar, thèid Eilean Uibhist na bhoil le ceòl, dannsa agus cànan na Gàidhlig, càirdean bho thall thairis a’ tilleadh agus còrr air ceud oileanach na sgoil shamhraidh bho gach aois is àite. Thig ann airson brìgh beatha na Gàidhealtachd fhiosrachadh – fialaidheachd bhlàth, dùthchas is cultar beairteach, agus ath-chruinneachadh nan daoine.

Thig crìoch air an t-saoghal ach mairidh gaol is ceòl.