Shop

CD/DVD

Ceòlas EOST

Ceòlas EOST

Thugadh EOST (Dualchas Eòrpach nan Òran às a’ Bheul-aithris) rannsachadh Eòrpach air dualchas seinn diofar sgìrean mion-chànan. Ann an ‘Gaoth an Iar’, tha an dualchas beò, mar a chluinneas e aig cèilidh ann an Talla Naoimh Peadar an Dalabrog. Tha iomadh seòrsa òrain ann, agus seinneadairean an leithid Pòl MacCallum, Peigi Lexy Chaimbeul, Màiri Flòraidh Hollister, Seumas Caimbeul, Peinidh Burgess, Dòmhnall Ruairidh Caimbeul agus eile, cho math ris a’ bhuidheann seinn ùr-stèidhichte ‘Guthan an Iar’ agus clann Sgoil Dhalabroig. Bha cuid de na h-òrain a nochd air a’ chlàr seo gun aithne air taobh a-muigh coimhearsnachd Uibhist.

Add to cart
An Eòsag

An Eòsag

B’ ann à Bruarnais, Eilean Bharraigh, a bha an Eòsag, Dòmhnall Iòsaph mac Ruairidh Iain Bhàin. Le aon de na guthan Gàidhlig as aithnichte san 20mh linn, chaidh An Eòsag a chlàradh le Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann. Bha e ainmeil mar an sgiobair den MV Lochmòr, ga stiùireadh tron Chuan Bharrach agus e a’ seinn ris fhèin air an drochaid. Tha 16 òrain bhon tasglann sa chlàr seo, le òrain an leithid ‘A’ Bhìrlinn Bharrach’, ‘Òran na Cloiche’, ‘Òran eile air Latha Chùil Lodair’, agus ‘Fear a’ Chota Ruaidh’.

Add to cart
Ceòl Uibhist 2

Ceòl Uibhist 2

Puirt is òrain à Uibhist, seo an dàrna clàr san t-sreath shoirbheachail ‘Ceòl Uibhist’. Tha ceòladairean is seinneadairean bho Bheàrnaraigh na Hearadh gu Uibhist a Deas ann, a’ taisbeanachad ceòl Gàidhealach mar a tha e san eilean an-diugh. Catrìona Garbutt, Dunnchadh MacFhionghain, Calum Iain MacCorcadail, Màiri Mairead NicIlleathain, Pòl MacCaluim, Ruairidh MacAoidh, Na Deasaich, Dòmhnall Ruairidh Caimbeul, Janice Simpson, Seonaidh Ailig MacAoidh, Coinneach Mhanson, Peigi Lexy Chaimbeil, Aonghas Ailig MacDhòmhnaill, Mòrag NicNeacail, Sounds of Kilphedar.

Add to cart

Leabhraichean

Bho Ghinealach gu Ginealach: Taghadh de na h-Òrain aig Caimbeulaich Taobh a Deas Loch Baghasdail

Bho Ghinealach gu Ginealach: Taghadh de na h-Òrain aig Caimbeulaich Taobh a Deas Loch Baghasdail

Rinn Caimbeulaich Taobh a Deas Loch Baghasdail cuid de na h-òrain as aithnichte a th’ ann an saoghal nan Gàidheal: ‘A Pheigi a Ghràidh’, ‘A’ Bhriogais Uallach’, ‘Òran na h-Airship’. ’S e cruinneachadh tha seo de dh’òrain Ghàidhlig a rinneadh le ochdar bàird thar trì ginealaich de aon teaghlach. Le mòran dhiubh nach robh a-riamh ann an clò, tha an leabhar a’ leughadh mar chunntais eachdraidh shòisealta air aon de na linntinn a bu chaochlaidiche a bh’ anns na h-Eileanan. Tha e feumail mar leabhar cèilidh cuideachd, a’ laighe nad uchd no air bòrd. Air a dheasachadh le Jo NicDhòmhnaill is Màiri Anna Chaimbeul, nighean san teaghlach, chaidh an leabhar a rannsachadh ri linn a’ phròiseict EOST.

Add to cart
An t-Eilean Beag Lurach mu Thuath: Òrain Anndra Laing

An t-Eilean Beag Lurach mu Thuath: Òrain Anndra Laing

Rugadh Anndra Laing (1900-1969), no Anndra mac Alasdair ’ic Anndra ’ic Raghnaill ’ic Iain ’ic Anndra ’ic Mgr Seon, ann am Baile Mòr, Paibeil, Uibhista Tuath. B’ e Bàrd Hòrasairigh a bh’ ann, agus rinn e òrain leithid ‘An t-Eilean Beag Lurach mu Thuath’, a chluinnear fhathast aig cèilidhean a’ Chinn a Tuath. Chruinnich Naomi Harvey, rannsaichear le Ceòlas ri linn a’ phròiseict EOST eadar 2013-14, òrain Anndra agus i gan suidheachadh ann an co-theacs na coimhearsnachd. Tha an leabhar seo ann an Gàidhlig is Beurla.

Add to cart

Lèintean-t

Lèintean Caimbeulach

Lèintean Gàidhlig is bàrdachd nan Caimbeulach orra, ‘leis a’ bhriogais uallaich’, ‘a h-uile tè dhem stocainnean a-nochd am feum an càradh’, agus an sean-fhacal, ‘thig crìoch air an t-saoghal ach mairidh gaol is ceòl’. Grunn mheudan ann.

Add to cart