October 27, 2016

Cùrsa Bogaidh Gàidhlig do Luchd-teagaisg (GIfT)

Tha Ceòlas a’ co-obrachadh còmhla ri Oilthigh Shrath Chluaidh gus prògram GIfT an oilthighe – a bhios a’ trèanadh thìdsearan leis am bu mhath obrachadh ann am Foghlam tron Ghàidhlig – agus leasachaidhean Gàidhlig Ceòlas fhighe ri chèile.

Ath chùrsaichean GIfT:

  • 1 – 6 Iuchar, 2018
  • 21 – 24 Iuchar, 2018
  • 20 Lùnastal – 14 Sultain, 2018

Bidh na h-oileanaich a’ fàs an cuid sgilean ann an Gàidhlig labhairte, gràmar, briathrachas agus gnàthasan-cainnt ann an suidheachaidhean foirmeil agus neo-fhoirmeil. Bithear ga cleachdadh gu sòisealta le muinntir Uibhist agus sheall an cùrsa dha na tìdsearan cho làidir agus a tha a’ Ghàidhlig ann an Uibhist. Tha an cùrsa a’ còrdadh ris na tìdsearan gu mòr.

Bileag fiosrachaidh do dh’oileanaich GIfT a thig a dh’Uibhist.

GIfT 2015