November 12, 2015

Bogsa is Fìdheall

Bidh ‘Bogsa is Fìdheall’ a’ toirt clasaichean-ciùil do chlann aois 8 bliadhna agus suas, a’ gabhail a-steach inbheach. Fhuaireadh maoineachadh an tòiseachd bho Chrannchur Slàinte nan Daoine airson nòs-cluiche Uibhisteach a ghlèidheadh agus a chumail beò. Bithear ga ruith gu an t-Ògmhios, 2018.

Thèid clasaichean a ruith ann an caochladh àiteachan ann an Uibhist; faic an clàr-mìos air ‘Tachartasan’ airson iùil. ‘S e Ailean MacEanraig a bhios a’ teagasg na fìdhleadh agus Uilleam Moireasdan am bogsa-phutain. Tha an dithist gu math trang ach dh’fhaoidte gum bi rùm ann do fheadhainn eile aig a bheil ùidh

 

Peoples Health Logo