Mary Schmöller – Manaidsear Leasachaidh agus Oifig

An dèidh dhi Sgoil Dhalabroig fhàgail, chaidh Mary gu Colaisde Teicnigeach Inbhir Nis son Cùrsa Rùnaire a thoirt a-mach. Bha i ag obair ann an gnothachas nan taighean-òsta son 6 bliadhna ann an Uibhist, Lunnainn, Paris agus Munich. Chaidh i gu Colaisde Trèanad Thìdsearan ann an Eastbourne an dèidh dhi teaghlach a thòiseachadh. Dh’obair i dhan YMCA son 5 bliadhna ann am Foghlam Òigridh. An dèidh sin, bha i ag obair fad 17 bliadhna dhan ùghdarras ionadail ann an Eastbourne, a’ lìbhrigeadh sheirbheisean òigridh. Bha i an urra ri grunn phròiseactan mòra son goireasan do dh’òigridh a leasachadh, a cheart cho math ri seiseanan feasgair thar 4 ionadan a thabhainn. Air cluaineis, thill i do dh’Uibhist dha chruit an teaghlaich agus dh’fhuirich i ann bhon uair sin. Tha i air fastadh le Ceòlas bho 2003 agus i a’ cur gu mòr ri fàs na buidhne.