Bòrd-stiùiridh

Catrìona Nic an t-Saoir

Tha Catrìona aithnichte mar phrìomh thidsear na Gàidhlig ann an Alba le a bliadhnaichean fada de dh’obair agus eòlas. ‘S i am ball as ùire den Bhòrd-stiùiridh, air dhi tilleadh dhachaigh do dh’Uibhist. Tha Catrìona air a bhith ag obair gu cunbhalach le Ceòlas mar thidsear Gàidhlig ri linn na sgoil-samhraidh fad na 6 bliadhna mu dheireadh. Tha ceangal fada aice ri Sabhal Mòr Ostaig agus bidh i ag obair mar thidsear solarachaidh Gàidhlig ann an sgoiltean nan Eilean Siar. Bha Catrìona na cathraiche air Fèisean nan Gàidheal fad grunn bhliadhnaichean. Chaidh a thoirt a-steach dhan Trad Hall of Fame.

Dòmhnall Iain Dòmhnallach

Tha Dòmhnall Iain na einnseanair aig Comhairle nan Eilean Siar.  Bha e ag obair do chompanaidh comhairleachaidh einnseanairidh ann an Glaschu, agus cuideachd do J. J. MacDonald Contractors ann an Uibhist. Thar an 10 bliadhna aig a’ Chomhairle, tha dleastanas air a bhith aige don obair mhòr càraidh bho sgrìos stoirmean, a’ gabhail a-steach leasachaidhean na Fadhlach a Tuath, agus Sgeamaichean Dìona Còrsa Uibhist & Bharraigh. Tha Dòmhnall Iain na Stiùiriche air SURE (Neart Ath-nuadhachail Uibhist a Deas). Tha e na bhall de Chomataidh Coitchinn Ghèirinis agus buidhnean coimhearsnachd leithid Guthan an Iar.

Iseabail (Nic a’ Chlèirich) NicDhòmhnaill

Bha Iseabail ag obair fad 25 bliadhna mar Àrd-Mhanaidsear Leasachadh Eaconomaigeach do IGE, ag obair sna h-eileanan eadar Beàrnaraigh na Hearradh agus Bhatarsaigh. Ged a leig i dhì a dreuchd, tha i air a bhith an sàs ann an iomadh phròiseact thar nam bliadhna, bho stèidheachadh chompanaidhean beaga gu leasachaidhean mòra, a’ faotainn eòlas ann an leasachadh eaconomaigeach agus sòisealta sna h-Eileanan Siar. Tha Iseabail na Stiùiriche do Chothrom Ltd, cathranais ionadail a bhios a’ cur chothroman trèanaidh air dòigh don choimhearsnachd, a’ ruith cròileagan Gàidhlig, agus a tha a’ fàs gnìomhachas ath-chuairteachaidh. Tha i na ionmhasair do dh’Eaglais na h-Alba an Uibhist a Deas.

Iseabail (NicCoinnich) Dhòmhnallach

Tìdsear mar dhreuchd agus cruitear mar chleachdadh. Ball de Bhuidheann Smachdachaidh nam Fiadh ann an Uibhist. Rannsaiche san sgioba ionadail air an tinneas Lyme. Pìobaire agus eòlaiche-dualchais bhon teaghlach MhicMhuirich. Pàrant agus ball sgairteil den choimhearsnachd.

Lauren Mhoireastan

‘S ann à Farrais, Moireibh, a tha Lauren. Thàinig i a dh’Uibhist ann an 2013, an dèidh 7 bliadhna ag obair na tìdsear eachdraidh agus nua-eòlas ann am Moireibh agus Lodainn an Iar. Tha i na prìomh-thìdsear air na Cuspairean Sòisealta aig Sgoil Lìonacleit ann am Beinn na Faoghla. An dèidh dhi crìoch a chur air PgDip Bogadh Gàidhlig do Thìdsearan (GIfT) aig Oilthigh Shrathchluaidh, thòisich Lauren air na cuspairean sòisealta a theagasg tron Ghàidhlig san Lùnastal 2017. Tha i na saor-thoileach airson Meantor Uibhist is Bharraigh. Fhuair i urram airson a h-obrach le Lìonra Meantoran na h-Alba san t-Samhain 2016. Tha i na ball de Chòisir Ghàidhlig Uibhist.

Maighread Walker

Tha Maighread a’ toirt beairteas de dh’eòlas gnìomhachais do bhòrd Ceòlas. Mar thè-gnìomhachais thar 20 bliadhna, bha Maighread os cionn oifig a’ phuist an Dalabrog bho 1994 a-mach. Mar thoradh air an obair aice, tha an oifig-phuist aig teas-meadhain na coimhearsnachd ionadail agus na ghnìomhachas seasmhach làidir. Tha i gu math aithnichte sa choimhearsnachd. Tha Maighread air a bhith an sàs ann an Ceòlas bho thòiseach tòiseachaidh, agus tha a’ choimhearsnachd glè thaiceil rithe.

Màiri T NicAonghais

‘S i cathraiche Ceòlas Màiri T NicAonghais, agus tha iomadh dreachd air a bhith aice sa choimhearsnachd a’ buntainn ri foghlam, a’ Ghàidhlig, agus ionnsachadh inbheach. ‘S i bana-mhaighstir Sgoil an Iochdair, na riochdaire am buidheann Riaghaltas na h-Alba Gaelic Learners in the Primary School, ball de 1+2 language learning in the Western Isles, oide airson trèanadh luchd-obrach le Foghlam Alba, aon de na prìomh bhuill an Uist Core Learning Group, agus tha eòlas farsaing aice ann an leasachadh coimhearsnachd. Tha Màiri air a bhith na ball de na bùird aig grunn bhuidhnean ann an Alba, leithid Comhairle Ealan na h-Alba agus MG Alba. Bha i cuideachd na ball de chomataidh Co-chomunn an Iochdair agus Talla an Iochdair, ball tùsail aig Cothrom Ltd agus Fèis Tìr a’ Mhurain. Tha i air bòrd Bhòrd na Gàidhlig.

Pauline NicDhòmhnaill

Tha Pauline air a bhith an sàs ann an Ceòlas fad 15 bliadhna. ‘S i aon de na prìomh thidsearan-ciùil ann an Sgoil Lìonacleit, agus bha i a’ teagasg ann am Barraigh agus Vancouver. Tha i na ball, tè-stiùiridh, agus oide le Còisir Eaglais Chaitligeach Earra-Ghàidheal agus nan Eilean, cluicheadair orgain agus tè-stiùireadh na còisire ionadail san eaglais agus chuidich i gu bhith stèidheachadh Còmhlan-Pìob Sgoil Lìonacleit. Bha Pauline na ball de grunn bhuidhnean coimhearsnachd a’ gabhail a-steach: Comhairle Pàrant Sgoil Dhalabroig, Gleus Community Music Group, Co-chomunn an Iochdair agus Talla an Iochdair.

Róisín King

Is e ceòladair Èireannach aig a bheil a’ Ghàidhlig Èireannach a th’ ann an Róisín. Rinn i Ceòl agus Eachraidh Ealain is Ailtireachd aig Colaiste na Trianaid ann am Baile Àtha Cliath. Tha i na h-òraidiche aig Colaiste a’ Chaisteil UHI air Àrainn Bheinn na Faoghla. Bha i aig Oilthigh Luimneach ag obair mar òraidiche ann an Teicneòlas Lèir-chlaisneach (Audiovisual). Roimhe sin, bha Róisín ag obair airson grunn bhliadhnaichean ann am fiolm is telebhision a’ dèanamh iar-riochdachadh aig ReelGood Studios, Windmill Lane Pictures agus Inflight Audio far an do dh’obair i còmhla ri Tasglann Nàiseanta Chlàran agus Tasglann Theàrlaich Parker. Tha teisteanas sònraichte aige airson Sgrìobhadh chiùil do dh’Fhiolm agus TV bho Cholaiste Chiùil Berklee agus i a-nise a’ ruith cùrsa ùr Fuaim is Lèirsinn – a’ teagasg sgrìobhadh chiùil do dh’fhiolm.