October 27, 2015

Symposium

Bidh Ceòlas a’ ruith symposium dualchais gach bliadhna gus daoine, àiteachan, tachartasan agus cleachdannan ionadail a shònrachadh. ‘S ann tro mheadhan na Gàidhlig a thèid na symposia a ruith sa mhòr-chuid, a’ toirt cothrom do luchd-tadhail a bhith air am bogadh ann an cainnt na coimhearsnachd.

‘S àbhaist dha bhith ga ruith cola-deug an dèidh sgoil shamhraidh Ceòlas, gus a bhith a’ snìomh a-steach dha Fèill Àiteachais. Bidh òraidean, còmhraidhean, bùithtean-obrach, cuairtean treòirichte agus cèilidhean a’ dol.

Sna bliadhnaichean a chaidh seachad, tha na symposia air sùil a thoirt air:

  • an Cogadh Mòr,
  • biadh is deoch thradaiseanta,
  • Clan Mhuirich
  • Gèirinis,
  • An Càrnan,
  • Caolas,
  • an t-Ìochdar,
  • Tobha Mòr,
  • Tobha Beag,
  • Snaoiseabhal,
  • Stadhlaigearraidh,
  • Dreumasdal.

Bidh cuspair symposium 2018 a’ nochdadh nas fhaisge air an àm.

2017 Symposium Clann Mhuirich