October 27, 2015

Moladh Uibhist

‘S e ‘Moladh Uibhist’ an tachartas bliadhnail againn a-mach air dualchas òran Uibhist agus an t-àite aca san dualchas. Thig còmhla rinn airson deireadh-seachdain làn seinn is sgeulachdan, eadar 5mh-7mh den Chèitean aig àiteachan bho Èirisgeidh gu Uibhist a Tuath, a’ togail òrain san t-seann dòigh am measg eòlaichean na coimhearsnachd Uibhistich agus an cuid sgeulachdan.

‘S e cothrom air leth a tha seo, a’ leigeil le daoine tighinn ann airson blasad fhaighinn air an dùthchas bheò glan às an tobar. An àite clas foirmeil, bidh na bùthan-obrach nan cearcaill seinn fuasgailte.

DiSathairne, 5 Cèitean
11m-1f: Talla Chàirinis, Uibhist a Tuath: Catrìona Garbutt, Sìneag Nic an t-Saoir
1f-2f: Lòn
2f-4f: Talla Chàirinis, Uibhist a Tuath: Catrìona Garbutt, Sìneag Nic an t-Saoir
 
DiDòmhnaich, 6 Cèitean
2f-4f: Am Politician (Èirisgeidh): Màiri Flòraidh Hollister, Penny Burgess, Sìneag Nic an t-Saoir
7f-9f: Taigh-òsta Loch Baghasdail: Caimbeulaich Taobh a Deas Loch Baghasdail, Pòl MacCalluim, Sìneag Nic an t-Saoir
 
DiLuain (Latha-saor na Bealltainn), 7 Cèitean
12f-2f: Talla Ghèirinis: Peigi Lexy Chaimbeul, Sìneag Nic an t-Saoir
 
Prìs: £10 gach seisean fa leth; £50 airson a h-uile seisean.
 
Tha am prògram ri fhaotainn an seo.