January 30, 2018

Seanchas

Cùrsa ‘Seanchas’ – Dàrna Roghainn

’S e cùrsa ùr tro mheadhan na Gàidhlig a th’ ann an ‘Seanchas’, a bhios ga ruith mar roghainn aig sgoil-shamhraidh Cheòlais, aig àm a’ chlas ‘Gàidhlig do na h-Uile’ (10:45-11:20) agus àm ‘Dàrna Roghainn’ (11:30-12:30).

Bidh an cùrsa a’ sgrùdadh seanchas na Gàidhlig anns na diofar chruthan aige, uaireannan a’ cur feum air cruinneachaidhean sgrìobhte agus fuaim clàraichte. Thig cuideigin às a’ choimhearsnachd a-steach dhan chlas a bhruidhinn gach latha, agus sin na chothrom do dh’oileanaich a bhith a’ cluinntinn an dà chuid Gàidhlig nàdarra bheairteach Uibhist agus mu dheidhinn pàirt mhòr chudromach de dhùthchas nan Gàidheal.

Ged a dh’fheumas oileanaich a bhith fileanta airson a dhol air a’ chùrsa seo, bithear a’ faighinn cuideachadh a thaobh ghnàthasan-cainnt agus faclan dualchainnte, far a bheil sin iomchaidh.

’S e Aonghas Iain Dòmhnallach, à Crois Moireig ann an Uibhist a Tuath, a ghabhas an clas, fear aig a bheil tuigse bharraichte air seanchas nan Gàidheal, bhon uair a bhiodh e fhèin a’ cruinneachadh agus a’ clàradh seanchas, bàrdachd is beul-aithris nan Gàidheal bho dheireadh nan 1960an gu tòiseachd nan 1970an.