March 20, 2016

Ailean MacEanruig

Allan HendersonRugadh is thogadh Ailean ann a’ Malaig. Tha air a bhith cluich ciùil bhon a bha e na bhalach beag còmhla ris a bhrathair Eoghainn agus a’ pheathraichean. Bith e  a’ cluich iomadh ionnsramaid, leithid na fìdhle, Pìob, fìdeag agus piana. Cheumnaich Ailean bho’n RSAMD (RCS) ann a’ Glaschu le BA ann a’ Ceòl Tradiseanta.  Bha Ailean a cluich ‘s a siubhal an t-Saoghail còmhla ri Blazin Fiddles fad 15 bliadhna ach tha e a nist air fàgail na Còmhlan agus air gluasad a dh’Uibhist.  Tha e trang a’ teagasg air a phròiseact ‘Buttons & Bows’ aig Ceòlas agus a’ teagasg na fìdhle anns na sgoiltean Uibhist. Tha sinn fortanach gu bheil a leithid againn ann an Uibhist agus tha sinn toilichte gu bheil e aig Ceòlas a rithist am bliadhna.