October 27, 2015

Sgoil Shamhraidh 2018

1-6 an t-Iuchar, 2018

A-nis na 22ra bliadhna, tha sgoil-shamhraidh Ceòlas air a bhith a’ dol bho neart gu neart. Thig oileanaich às gach ceàrnaidh den t-saoghal chun na sgoile, a tha air a cumail gach bliadhna san Iuchar ann an Dalabrog, Uibhist a Deas, airson ceòl agus dannsa dùthchasach ionnsachadh ann an coimhearsnachd fìor-Ghàidhealach.

Bitear a’ tabhainn teagasg barraichte sa phìob, air fìdheall, an òrain, dannsa agus Gàidhlig. Bidh prògram coimhearsnachd a’ tachairt gach feasgar, a’ gabhail a-steach chèilidhean, chuirmean agus chuairtean. Thig oidean à Ceap Breatainn, Canada, gach bliadhna agus iad nam pàirt cudromach den sgoil-shamhraidh a’ riochdachadh diaspora mòr na Gàidhlig. Bidh clasaichean gan ruith bho 9:30m – 3:30f DiLuain gu DihAoine le clàr de phrògraman air an fheasgair.

Cosgais: £250 (làn-prìs); £175 (prìs nan Eilean Siar); £75 (prìs na h-òigridh: 14-17 bliadhna) £10 clasaichean an urra, drop-in (Eileanan Siar); gun chìs (Urras Ceòl na Gàidhealtachd: 16-25 bliadhna; làn).

Foirm clàraidh sgoil shamhraidh 2018.

Foirm clàraidh phìobairean / fhìdhlearan òga.

Prògram Coimhearsnachd 2017 (download); seall air loidhne

Luchd-teagaisg:

 

 

 

 

 

 

 

 

 


Prògram sgoile:

9:30-10:30 Ciad roghainn
10:45-11:20 Gàidhlig do na h-Uile
11:30-12:30 Dàrna roghainn
12:30-13:30 Lòn
13:30-14:30 Ciad roghainn
14:30-15:30 Measgachadh