April 20, 2017

Cùrsaichean Bogaidh

Na h-ath chùrsaichean bogaidh:

  • 30 Giblean – 4 Cèitean, 2018
  • 1 – 6 Iuchar, 2018
  • symposium (deireadh an Iuchair), 2018

Cìs: £200 (làn cìs); £100 (Na h-Eileanan an Iar)

S e cùrsa ionnsachadh a th’ anns a’ chùrsa seo airson an cuid Ghàidhlig a chleachdadh agus a neartachadh ann an àrainneachd coimhearsnachd, le ìrean bho luchd-tòiseachaidh gu fileantaich. Bidh clasaichean a’ gabhail a-steach gràmair, sgilean còmhraidh, goireasan an t-seòmair-theagaisg, ionnsachadh gnìomhach (bùithtean-obrach agus turasan) agus lèirmheas is daingneachadh, a bharrachd air tachartasan oidhche. Togaidh oileanaich Gàidhlig choitcheann an latha an-diugh, mar a thèid a chleachdadh anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig.

Tha Ceòlas Uibhist air a fhreumhachadh ann an coimhearsnachd Ghàidhlig Uibhist a Deas, a’ cur ri glèidheadh agus mealtainn na dìleib Ghàidhlig shònraichte a th’ aig a’ choimhearsnachd. Tha am beairteas òrain, ciùil is cànain làidir san eilean far a bheil a’ chuibhreann as àirde de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba (Cunntas-sluaigh, 2011), agus tha a’ Ghàidhlig fighe fuaighte ris a’ choimhearsnachd. Sheall rannsachadh le Soillse (G Wells, 2011) gur e àrainneachd ionnsachaidh thaiceil bhrosnachail a th’ ann an coimhearsnachd Uibhist airson togail Gàidhlig.

 

Prògram coimhearsnachd, 23-27 Iuchar