September 23, 2016

An Togalach

Cruthaichidh Cnoc Soilleir faireachdainnean brosnachail agus nach tèid à cuimhne do luchd-tadhail, oileanaich agus dhan choimhearsnachd. Brosnaichidh e obair cruthachaidh agus aoibhneas a’ chiùil, an dannsa agus traidiseanan cultar na Gàidhlig.

Na bhroinn, bidh e na shàr làrach teagaisg agus obrach, le sàr fhuaim na bhroinn airson a bhith a’ faighinn tlachd bho bhith ag èisteachd ri ceòl, dannsa agus Gàidhlig.

Bidh solas nàdarrach an latha ann am pailteas anns an togalach, le dlùth cheangal leis an t-sealladh-tìre mun cuairt agus bidh e a’ dol a rèir an t-suidheachaidh aige a thaobh sgèile agus stuthan togail.

concept2

Tuairmse dealbhachaidh © John Renshaw Architects 2016