September 24, 2016

Ciamar as urrainn dhut cuideachadh?

Cosgaidh an t-ionad £7.1 millean ri thogail. Thig 96% dhen airgead calpa a tha a dhìth bho riaghaltasan ionadail agus nàiseanta agus bho thaic bhuidhnean eile, tabhartasan a’ Chrannchuir, taic-airgid Eòrpach agus tagraidhean gu Urrasan. Ach, tha sinn feumach air an taic bhuaibhse gus £250,000 a thogail gus soirbheas na pròiseact seo a dhaingeachadh agus gus sealltainn gu bheil taic ann bhon choimhearsnachd. Ma bheir 500 neach tabhartas de £500, coileanaidh sin an targaid againn. Tha sinn ag iarraidh air daoine nas urrainn dhaibh de thaic a chur ris a’ phròiseact seo – tha fàilte air tabhartasan sam bith – beag no mòr. Gu ruige seo tha sinn air 15 tabhartas de £500 fhaighinn, cho math ri tabhartasan eile, a tha a’ tighinn gu £10,000. Tha sinn uabhasach fhèin taingeil airson na tha sinn air fhaighinn de thaic gu ruige seo.

Nam bu mhiann leat taic a chur ris a’ phròisdeact seo faodaidh tu sin a dhèanamh tro paypal no le seic a chur gu ‘Ceòlas Cnoc Soilleir’ gu sgioba Cheòlais aig Taigh Gleus. Mas urrainn dhut, tha sinn ag iarraidh gun cuir sibh thugainn foirm ‘gift aid’ gus am faigh sinn na cìsean air ais.

Tha sinn a’ cruinneachadh airgid airson na bhios a’ choimhearsnachd a’ cur ris. Tadhail air an duilleag maoineachadh-sluaigh againn: http://www.crowdfunder.co.uk/cnoc-soilleir-2 no cuir tabhartas dìreach gu Ceòlas;  www.ceolas.co.uk

class