September 24, 2016

Cò gheibh buannachd à Cnoc Soilleir?

Tha sinn làn misneachd gum bi buannachdan mòra aig Cnoc Soilleir do dh’Uibhist

Leigidh Cnoc Soilleir leinn barrachd thachartasan, aig àrd-ìre, de cheòl, dannsa agus de thachartasan cultarail eile tron bhliadhna – ro 2022 bidh deich tachartasan ùra air an lìbhrigeadh le Ceòlas bho Chnoc Soilleir

Bheir Cnoc Soilleir àrdachadh air an àireamh de luchd-turais ann an Uibhist agus brosnaichidh e cultar agus dualchas na Gàidhlig– ro 2022 tàlaidh an sgoil shamhraidh agus geamhraidh còrr air 2000 luchd-turais dhan eilean.

Bheir Cnoc Soilleir àrdachadh air an àireamh de dhreuchdan ann an Uibhist– ro 2022 bidh co-ionnann ri 41 obair làn-ùine air an cruthachadh mar thoradh air a’ phròiseact seo 41.

Leigidh Cnoc Soilleir le Colaiste a’ Chaisteil leudachadh a thoirt air na cùrsaichean ciùil a tha iad a’ lìbhrigeadh, agus cùrsaichean gnìomhachasan cruthachail a lìbhrigeadh tron bhliadhna – ro 2022 bidh cùrsaichean nan gnìomhachsan cruthachail air an tabhann ann an Uibhist.

Tàlaidh Cnoc Soilleir barrachd oileanaich do dh’Uibhist – ann an 2022 bidh 96 oileanaich a’ fuireach ann an Uibhist.

Le bhith a’ toirt chothroman obrach agus foghlaim, cuidichidh Cnoc Soilleir gus stad a chur air crìonadh sluaigh– ro 2022 bidh 91 daoine ùra a’ fuireach làn-ùine ann an Uibhist mar thoradh air a’ phròiseact seo.

Cnoc Soilleir building plans John Renshaw Architects 2016

Tuairmse dealbhachaidh
John Renshaw Architects 2016