Às an Tobar – fèill litreachais 30/11-2/12/17

Fèill ùr litreachais Bidh litreachas Gàidhlig Uibhist a’ nochdadh ann an iomadach cruth, bho òrain is bàrdachd, gu faclan is cainnt, agus sgeulachdan is nobhailean. Bidh beairteas an litreachais seo a’ biadhachadh a chèile, a’ leigeil leis na ginealaichean tarraing à tobair dhomhainn an dùthchais. San fhèill litreachais seo, gheibhear blasad beadarach de na th’ Read more about Às an Tobar – fèill litreachais 30/11-2/12/17[…]

Oifigear Mheadhanan is Conaltraidh Ghàidhlig

Tha oifigear ùr a’ tòiseachadh aig Ceòlas a bhitheas a’ cur ri fàs na Gàidhlig an Uibhist. Thòisich Liam Alastair Crouse, à Aimeireagaidh, an dreuchd aig tòiseachd a’ Ghiblein, 2017. Bidh an obair ùr, a mhaireas 3 bliadhna, a’ cur ri làthaireachd na Gàidhlig aig Ceòlas air loidhne, cuide ri cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh Read more about Oifigear Mheadhanan is Conaltraidh Ghàidhlig[…]

Posted in

Greis-ghnìomhachais Oileanach Gàidhlig 2017

Greis-ghnìomhachais Oileanach Gàidhlig 2017 Ann an co-bhonn le Bòrd na Gàidhlig, tha Comhairle nan Eilean Siar a’ tabhann cothroim do dh’ oileanaich le sgilean Gàidhlig a bhith a’ cosnadh airson deich seachdainean as t-samhradh 2017 aig buidhnean a tha a’ cleachdadh Gàidhlig mar mheadhan obrach gu làitheil. Faodaidh na deich seachdainean a ruith aig àm Read more about Greis-ghnìomhachais Oileanach Gàidhlig 2017[…]

Posted in